Connect with a cause that needs you!

Gaelic Project Manager

34,449 per year
Eden Court Highlands, Bishops Road, Inverness, IV3 5SA
Full-time
10th May 2026
Listed today

Vacancies

Manaidsear Pròiseict Gàidhlig | Gaelic Project Manager

  • Status

    20-25 san t-seachdain, Àm Stèidhichte gu 31 Màrt 2028 | 20-25 per week, Fixed Term to 31 Mar 2028
  • Start Date

    Ri aontachadh | To be agreed
  • Closing Date

    Diluain 11 Cèitean 2026 | Mon 11 May 2026
  • Interview Dates

    S/T 18 Cèitean 2026 | W/C Mon 18 May 2026
  • Salary

    £34,449 gach bliadhna (co-ionann làn-ùine) | £34,449 per annum (full time equivalent)

Tha a’ Ghàidhlig agus a cultar nan eileamaidean cudromach de bheatha an seo air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan. Tha òrain, bàrdachd, ceòl, ealain agus dannsa air a bhith aig cridhe a’ chànain riamh agus ged a tha a’ Ghàidhlig na mion-chànan aig an àm seo, tha coimhearsnachd bheòthail de dh’fhileantaich, luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic an seo air a’ Ghàidhealtachd.

Tha pàirt chudromach againn uile aig Eden Court ann a bhith a’ toirt taic dhan Ghàidhlig agus a cultar, ann a bhith a’ cur fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig agus ann a bhith a’ toirt cothrom do barrachd dhaoine a’ Ghàidhlig agus a cultar a chleachdadh agus eòlas fhaighinn orra tro na h-ealain. Mar thoradh air ar prògram ealain eadar-mheasgte, tha sinn comasach air eòlas cultarail Gàidhlig a thabhann tro raon de dhiofar cruthan ealain, nam measg tèatar, ceòl, film agus ealain lèirsinneach, agus nar n-obair riochdachaidh tha ùidh shònraichte againn ann an ceanglaichean eadar diofar chruthan ealain. Leughar barrachd mu na gealltanasan againn an seo.

Tha Manaidsear Pròiseict Gàidhlig air a bhith aig Eden Court bhon Ghiblean 2023 le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha an dreuchd seo air Plana Gàidhlig Eden Court a chur an gnìomh gu soirbheachail agus air mothachadh agus cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh taobh a-staigh na buidhne. Am measg nan soirbheasan as motha againn, tha Cruinn Còmhla, na Seiseanan Accoustic Gàidhlig againn, a’ cur air dòigh clasaichean dràma Gàidhlig agus clasaichean ciùil do chloinn fo aois 5, a’ cumail thachartasan film Gàidhlig gu cunbhalach agus a’ tabhann chlasaichean Mothachaidh Gàidhlig do luchd-obrach Eden Court gu lèir. Le maoineachadh an gnìomh gus am Màrt 2028, seo deagh àm do chuideigin gus togail air na bunaitean làidir a tha sinn air togail mar-thà agus gus cumail orra a’ leudachadh na dreuchd taobh a-staigh Eden Court.

Gaelic language and culture is an important aspect of life here in the Highlands and Islands. Song, poetry, music, art and dance have always been at the heart of the language and even though Gaelic is a minority language today there is a lively community of fluent speakers, learners and supporters here in the Highlands.

At Eden Court we all play a key role in supporting Gaelic language and culture, in welcoming Gaelic speakers and in enabling more people to use and experience Gaelic language and culture through the arts. Due to our varied artistic programme, we are able to offer Gaelic cultural experience through a range of genres, including theatre, music, film and visual art, and in our producing work we have a particular interest in the crossover between art forms. More can be read about our commitments here.

Eden Court has had a Gaelic Project Manager in post since April 2023, funded by Bòrd na Gàidhlig. This role has successfully implemented Eden Court’s Gaelic Language Plan and expanded Gaelic awareness and usage within the organisation. Particular successes include our Cruinn Cὸmhla: Gaelic Acoustic Sessions, implementing Gaelic drama and under 5s music classes, hosting regular Gaelic film events and offering Gaelic Awareness classes to all Eden Court staff. With funding secured up until March 2028, this is an ideal time for someone to build upon the strong foundations we already have in place and to continue to grow the role within Eden Court.

TIOTAL NA H-OBRACH Manaidsear Pròiseict Gàidhlig

TUARASTAL £34,449 gach bliadhna (co-ionann làn-ùine)

UAIREAN OBRACH 20-25 san t-seachdain, Tha obair shùbailte/mheasgaichte ri faighinn

SEÒRSA CÙMHNAINT Àm Stèidhichte gu 31 Màrt 2028

ÀITE Eden Court na Gàidhealtachd, Rathad an Easbaig, Inbhir Nis, IV3 5SA

ROINN Taisbeanadh Beò

SREATH MHANAIDSEAR Stiùiriche Taisbeanadh Beò + Riochdachaidh

PEINNSEAN Tabhartas 6% bhon chompanaidh le The People’s Pension

SAOR-LÀITHEAN Riarachadh co-ionann ri làn-ùine de 36 latha de shaor-làithean bliadhnail pàighte, a’ gabhail a-steach 8 saor-làithean poblach. Bidh fòrladh bliadhnail ag àrdachadh gu 37 latha às dèidh 1 bhliadhna de sheirbheis, suas ri 41 latha às dèidh 5 bliadhna de sheirbheis. Bidh riarachadh saor-làithean pro rata airson daoine a tha ag obair nas lugha na 37.5 uairean a thìde san t-seachdain.

SOCHAIREAN EILE

  • Tiocaidean an-asgaidh agus lasaichte gu tachartasan aig Eden Court
  • Brot an-asgaidh agus lasachadh 20% do luchd-obrach aig Cafaidh/Bàr Eden Court
  • Pasgan sochairean leudaichte
  • Pàirceadh an-asgaidh
  • Roghainnean obair shùbailte

JOB TITLE Gaelic Project Manager

SALARY £34,449 per annum (full time equivalent)

HOURS OF WORK 20-25 per week, Flexible/hybrid working is available

CONTRACT TYPE Fixed Term to 31 Mar 2028

LOCATION Eden Court Highlands, Bishops Road, Inverness, IV3 5SA

DEPARTMENT Live Performance

LINE MANAGER(S) Head of Live Performance + Producing

PENSION Up to 6% Company contribution with The People’s Pension

HOLIDAYS Full time equivalent allowance of 36 days of paid annual leave, inclusive of 8 public holidays. The annual leave allowance increases to 37 days after completing 1 years’ service up to a maximum of 41 days after 5 years’ service. Holiday entitlement will be pro-rated for those working less than 37.5 hours per week.

OTHER BENEFITS

  • Complimentary and discounted tickets to events at Eden Court
  • Free soup and 20% staff discount at Eden Court’s Café/Bar
  • Enhanced benefits package
  • Free parking
  • Flexible working options

Feuch an dèan thu ath-sgrùdadh air a’ Phasgan Obrach gu h-ìosal airson làn fhiosrachadh mun àite bàn seo agus fiosrachadh air mar a chuireas tu a-steach.
Feumar tagraidhean fhaighinn ro Diluain 11 Cèitean 2026.

Please review the Job Pack below for full details of this vacancy and information on how to apply.

Applications must be received by Mon 11 May 2026.

Downloads List